Chaidh a’ chiad Mhòd Ionadail ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a chumail Disathairne 20 Sultain ann an Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar nan Allt. Thug seo cothrom do dh’òigridh agus do theaghlaichean tighinn còmhla gus cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.
Chaidh a cur air dòigh le buidheann coimhearsnachd ionadail – Mòd Siorrachd Lannraig a Tuath – a tha air a dhèanamh suas gu tur de luchd-saor-thoileach ionadail, le amas an traidisean a chumail beò taobh a-staigh na coimhearsnachd aca fhèin.
Chaidh an tachartas, anns an robh measgachadh de cho-fharpaisean ann an seinn agus bàrdachd Ghàidhlig, a chumail le taic bho thabhartas de £1,500 bho UKSE, fo-chompanaidh aig Tata Steel.
Thuirt a’ Phrobhàst Coinneach Dhuibhidh: “Bha e mìorbhaileachd fhaicinn le mo shùilean fhèin an dealas a th’ aig a h-uile duine airson a’ chànain Ghàidhlig aig a’ chiad Mhòd ionadail ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.
Bha mi cho fortanach ’s gun cuala mi cuid de na sgoilearan òga againn a’ gabhail pàirt anns a’ cho-fharpais seinn Ghàidhlig agus rinn iad uile math orra fhèin. Meal-an-naidheachd dhan chomataidh airson tachartas cho beòthail is fàilteach a chur air dòigh don choimhearsnachd Ghàidhlig.”
Bha an tachartas seo ann an Comar nan Allt mar aon de dh’iomadh Mòd ionadail a tha a’ gabhail àite air feadh na h-Alba tron bhliadhna, a bharrachd air a’ Mhòd Nàiseanta. Tha Siorrachd Lannraig air aoigheachd a thoirt dhi le pròis trì tursan roimhe seo—ann an Àrd Ruigh, ann an Tobar na Màthar, agus ann an Cille Bhrìghde an Ear.
Thuirt Raonaid Deans, a tha a’ cuideachadh le bhith a’ cur air dòigh Mòd Siorrachd Lannraig a Tuath agus a tha na tidsear aig Bun-sgoil Chondobhrait, sgoil Ghàidhlig ionadail: “Bidh a’ Mhòd seo na buannachd mhòr do chlann, teaghlaichean, tidsearan agus buidhnean coimhearsnachd air feadh Siorrachd Lannraig a Tuath agus nas fhaide air falbh.”
“Tha e a’ toirt cothrom do dh’òigridh na sgilean cànain aca a leasachadh, barrachd ionnsachadh mu chultar na Gàidhlig, agus iad fhèin a chur an cèill gu cruthachail ann an suidheachadh taiceil. Neartaichidh na sgoiltean cuideachd an ceangal ri dualchas nàiseanta na h-Alba.”
Thuirt Antoinette Muirhead, bhon chomataidh eagrachaidh, cuideachd: “Tha sinn air ar dòigh mhòr leis cho math ’s a chaidh a’ Mhòd ionadail. Thàinig còrr is 100 duine de gach aois, agus chum sinn barrachd air 25 farpaisean.”
“Bha e sgoinneil uimhir de dhaoine fhaicinn a’ gabhail pàirt agus a’ comharrachadh a’ chànain Ghàidhlig. Mòran taing dhan a h-uile duine a ghabh pàirt, a rinn saor-thoileachas, no a chuidich le bhith a’ cur air dòigh an tachartais. Tha sinn a’ dènamah fiughair ri bhith ga dèanamh a-rithist an ath-bhliadhna!”
Tha An Comunn Gàidhealach a’ cur air dòigh Mòdan Ionadail, a tha a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh cànan, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig.
Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann an Siorrachd Lannraig a Tuath aig Sgoil-àraich Bràigh na Cìse ann an Àird Ruigh, aig Bun-sgoil Chondobhrait agus Àrd-sgoil na Buaile Glaiseann an Comar nan Allt.
Tha còisirean Gàidhlig inbheach agus òigridh san sgìre cuideachd, tachartasan Gàidhlig cunbhalach, agus fiù farpaisean camanachd.